dissabte, 27 de març del 2021

"GRIOGAL CRIDHE"

RHIANNON GIDDENS 

 
 'S iomadh h-oidhche fhliuch is thioram
Sìde na seachd sian
Gheibheadh Griogal dhomhsa creagan
Ris an gabhainn dian
Chorus:
Obhan obhan obhan iri
Obhan iri, o!
Obhan obhan obhan iri
'S mór mo mhulad, 's mór
Dhìrich mi dh ´an t-seòmar mhullaich,
´S theirinn mi ´n tigh-làir,
´S cha d ´fhuair mise Griogal cridhe
´Na shuidhe mu ´n chlàr.
Eudail mhóir a shluaigh an Domhain,
Dhòirt iad d´ fhuil o ´n-dé,
´S chuir iad do cheann air stob daraich
Tacan beag bho d´ chré.
’S ged tha mi gun ubhlan agam,
’S ubhlan uil’ aig càch;
’S ann tha m’ ubhal cùbhraidh grinn,
'S cùl a chinn ri lar.
B ´annsa bhi le Griogal cridhe
Teàrnadh chruidh le gleann,
Na le Baran mór na Dalach,
Sìoda geal mu m´ cheann.
´Nuair a bhios mnàthan òg a´ bhaile,
´Nochd nan cadal sèimh,
´S ann bhios mis´ air bruaich do lice,
´Bualadh mo dhà làimh.

Cap comentari:

Publica un comentari a l'entrada